Lines Matching refs:is

17 Do bhrìgh 's gun do chuir sluagh nan Dùthchannan Aonaichte an creideamh as ùr ann an còirichean fhear is mhnathan agus mar an ceudna gun do chuir iad romhpa adhartas sòisealta agus ìrean beatha nas fhèarr ann am barrachd saorsa a dhaingneachadh,
29 NA GAIRM CHOITCHEANN AIR COIRICHEAN A' CHINNE-DAONNA seo na bhun-tomhais do gach sluagh is dùthaich a chum na crìche gun dèan gach neach is gach dùthaich (a' cumail na Gairm seo nan sealladh) strì gu bhith a' brosnachadh nan còirichean agus nan saorsaidhean sin tro theagasg is tro fhoghlam agus tro cheuman adhartach - nàiseanta agus eadar-nàiseanta - a' daingneachadh an cleachdaidhean am measg nan dùthaich dem bheil iad fhein nam buill agus cuideachd anns na tìrean a tha fon ughdarras.
32 Tha gach uile dhuine air a bhreth saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breth le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhein ann an spiorad bràthaireil,
35 Tha gach neach fa leth airidh air gach còir is saorsa a tha sgrìobhte anns A' Ghairm seo a dh' aindeoin gnè sam bith, mar tha cinneadh, dath craicinn, gnè-cinneil, cànan, creideamh, beachdan poiliticeach, tùsachd nàiseanta neo sòisealta, sealbhachd, gin neo inbhe air bith eile.
87 1. Tha e na chòir aig gach fireannach is boireannach, a dh' aindeoin cinnidh is a tha air teachd gu aois, pòsadh agus teaghlach a stèidheachadh. Tha iad dligheach air còirichean co-ionnan nam pòsadh rè ùine am pòsaidh agus ann an sgaoileadh a' phòsaidh.
117 Tha còir aig gach neach, mar bhall den phoball air tearainteachd sòisealta agus tha e airidh, tro oidhirpean nàiseanta agus co-oidhirpean eadar-nàiseanta a-rèir eagrachadh is seilbh gach Stàit, air gach còir eaconomaigeach, shòisealta agus chultarail a tha do-sheachanta feumail a chum urram agus saor-leasachadh a phearsantachd.
132 1. Tha còir aig na h-uile air àite còmhnaidh a tha iomchaidh airson an slàinte fhein is slàinte an teaghlaich - sin a' gabhail na ghlacan biadh, aodach, taigheadas, lèigh-aire agus seirbhisean sòisealta - agus a thuilleadh air sin tha còir aca air dìon ann an aghaidh call-obrach, tinneas, eu-cothrom, banntrachd, seann aois agus gainne beò-shlaint ann an suidhichean a tha thar an comais.
139 2. Bithidh foghlam ag amas air làn-leasachadh pearsa an duine agus a chum neartachaidh tlachd ann an còirichean agus saorsan daonna. Bithidh foghlam a' brosnachadh tuigseachd, foighidinn agus càirdeas am measg dhùthchannan, am measg bhuidhnean cinneadail is cràbhach, còmhla ri a bhith a' cur air adhart oidhirpean nan Dùthchannan Aonaichte a thaobh cumail na sìthe.
144 1. 'S e còir nan uile compàirt a bhith aca ann am beatha chultarail an coimhearsnachd fhein, a bhith sòlasach anns na h-ealain is roinn a bhith aca anns gach maitheas a shruthas bho gach adhartas saidheansail.
154 2. Ann an cleachdadh a chòirichean is a shaorsaidhean bithidh gach neach umhail do gach crìch a chuireas an lagh air chois airson a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi còirichean agus saorsaidhean dhaoine eile air an coimhead agus bithidh e leagte ri na riatanais a tha moraltachd, rian pobaill agus maitheas coitcheann a' tagradh ann am poball deamocraiteach sam bith.
167 Air an deicheamh latha den Dùbhlachd 1948 ghabh Comhdhail Choitcheann nan Dùthchannan Aonaichte ri, agus chuir iad an cèill, "Gairm Choitcheann air còirichean A' Chinne-daonna" aig a bheil a bhrìgh gu mionaideach ri fhaicinn anns na duilleagan a leanas. Mar thoradh air an achd seo chuir a' Chomhdhail Choitcheann impidh air gach dùthaich anns a' bhallrachd brìgh na Gairm seo "a sgaoileadh, fhoillseachadh, a leughadh is a theagasg, gu h-àraidh ann an sgoiltean agus ann an àitean ionnsachaidh eile, gun eadar-dhealacha (…)