Lines Matching refs:co

19 Do bhrìgh 's gun do gheall gach Ball Stàite, ann an co-luib ris na Dùthchannan Aonaichte, gum brosnaicheadh iad uile-spèis agus aire do chòirichean agus saorsa an t-sluaigh,
32 Tha gach uile dhuine air a bhreth saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breth le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhein ann an spiorad bràthaireil,
37 A thuilleadh, chan fhaod deifir a bhith air a dhèanamh air bonn inbhe phoiliticeach, uachdaranail neo eadar-nàiseanta a tha ceangailte ri dùthaich dom buin neach co-dhiù tha an dùthaich sin neo-eiseimeileach, fo urras, fon rìaghladh neo fo bhacadh dùthcha eile.
52 Tha na h-uile co-ionnan fa chomhair, agus mar sin airidh air dìonachd an lagha. Tha gach neach airidh air an aon dìon ann an aghaidh eadar-dhealachaidh sam bith a bhriseas a' Ghairm seo agus an aghaidh brosnachaidh sam bith a chuirear air chois airson eadar-dhealachadh a dhèanamh.
87 1. Tha e na chòir aig gach fireannach is boireannach, a dh' aindeoin cinnidh is a tha air teachd gu aois, pòsadh agus teaghlach a stèidheachadh. Tha iad dligheach air còirichean co-ionnan nam pòsadh rè ùine am pòsaidh agus ann an sgaoileadh a' phòsaidh.
94 1. Tha e na chòir aig gach neach sealbhachd a bhith aige fhein a thuilleadh air sealbhachd ann an co-chomunn dhaoine eile.
105 1. Tha còir aig na h-uile saorsa a bhith aca airson co-chruinneachadh agus co-chomunn.
110 1. 'S e còir neach sam bith co-phàirt a ghabhail ann an riaghaltas a dhùthcha gu pearsanta neo tro thaghadh riochdairean.
117 Tha còir aig gach neach, mar bhall den phoball air tearainteachd sòisealta agus tha e airidh, tro oidhirpean nàiseanta agus co-oidhirpean eadar-nàiseanta a-rèir eagrachadh is seilbh gach Stàit, air gach còir eaconomaigeach, shòisealta agus chultarail a tha do-sheachanta feumail a chum urram agus saor-leasachadh a phearsantachd.
122 2. Tha còir aig gach neach, gun leth-bhreth sam bith, air pàigheadh co-ionnan airson obrach cho-ionnan.
137 1. Tha foghlam na chòir do gach neach. Bithidh foghlam an asgaidh, co-dhiù aig na h-ìrean bunaiteil. Bithidh foghlam bunasach sparraichte air gach neach. Bithidh foghlam teicneachail, proifeiseanta agus àrd fhoghlam air bonn airidheachd, co-ionnan fosgailte do na h-uile neach.